Ruigsinneachd ann an Kubuntu
- Bu toigh leinn coimpiutairean a dhèanamh dhan a h-uile duine, ge be na
comasan fiosaigeach agad. Leis na h-innealan a tha sinn a' cur ri làimh
dhaoine, tha Kubuntu am measg nan siostaman-obrachaidh as so-ruigsinniche a
tha ann.
- Gheibh thu cothrom air na h-innealan seo san aon àite: Roghainnean na
Ruigsinneachd, ann an aplacaid "Roghainnean an t-siostaim" sa
chlàr-taice. 'S urrainn dhut innealan feumail a chur air an-sin, mar na
Putanan atharrachaidh, Criathragan a' mheur-chlàir agus
Gluasadan gnìomhachaidh.
- 'S fhiach e sùil a thoirt air Roghainnean an dreach cuideachd. Tha
cothrom agad air diofar stoidhlean lèirsinneach agus gabhaidh fiù na
cruthan-clò atharrachadh a chleachdar sna h-aplacaidean.